Iomairt Gáidhlig Loch Abair

Sitemap Home

Mu ar deidhinn

Dè th' ann an Iomairt Ghàidhlig Loch Abair?

Tha dà amas aig an Iomairt:

1. Àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh

2. Cothroman a leasachadh gus Gàidhlig a chleachdadh

Tha an Iomairt a' toirt còmhla buidhnean coimhearsnachd 's poblach le muinntir an àite gus fàs a thoirt air a' Ghàidhlig ann an Loch Abair. Chaidh Loch Abair a chomharrachadh mar sgìre phrìomhachais ann an Alba. Tha oifigear-leasachaidh aig Iomairt Gàidhlig Loch Abair.

Cò dha a tha e?
Tha an Iomairt airson duine sam bith le ùidh sa Ghàidhlig agus Sgìre Loch Abair. A bharrachd air a bhith fàs na Gàidhlig, tha sinn airson na coimhearsnachd a leasachadh 's cothroman a thoirt do mhuinntir an àite. Bidh an Iomairt a' fàs na Gàidhlig gu buannachd Loch Abair air fad.

Dè bhios an Iomairt a' dèanamh?
Bidh an Iomairt a' comharrachadh nam prìomhachasan airson leasachadh Gàidhlig ann an Loch Abair. Thèid pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a' freagairt air na prìomhachasan seo 's an dà amas gu h-àrd.

Ciamar a bhios an Iomairt a' fàs na Gàidhlig sa sgìre?
Le bhith a' cur an gnìomh pròiseactan a chuireas taic ri òigridh, trèanadh, pàrantan, teaghlaichean agus a bhios a' brosnachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre. Bidh sinn cuideachd a' cur taic ri faicsinneachd na Gàidhlig 's prìomhachasan eile mar a tha iomchaidh.

Cò tha a' stiùireadh leasachadh?
Tha buidheann-stiùiridh ann a bhios a' dèanamh cho-dhùnaidhean air na prìomhachasan 's pròiseactan a thèid a chur an gnìomh. Tha Comunn na Gàidhlig a' cur taic ris an Iomairt aig gach ìre agus bidh buidhnean poblach an sàs a-rèir nam prìomhachas aig an sgìre.

Am faod mi pàirt a ghabhail?
Faodaidh! Tha a' bhuidheann-stiùiridh fosgailte do dhaoine sam bith le ùidh sa Ghàidhlig. Tha sinn cuideachd a' cur fàilte air daoine le Gàidhlig no le sgilean a bhios feumail gu leasachaidhean. Thoir sùil air an làrach-lìn.

Ciamar a gheibh mi tuilleadh fiosrachaidh?
Tha làrach-lìn aig an Iomairt far am bi am fiosrachadh as ùire. Gheibhear fiosrachadh an seo air foghlam, ionnsachadh, tachartasan, cothroman, taic, a' bhuidheann-stiùiridh agus fiosrachadh mu Ghàidhlig ann an Loch Abair. Faodaidh sibh bruidhinn rinn cuideachd aig:

Iomairt Ghàidhlig Loch Abair, Ostail a' Cham Dhail, AN GEARASDAN, PH33 7NE
rhona@iomairt-lochabair.org

01397-701988

About Us

 What is Iomairt Ghàidhlig Loch Abair?

Iomairt Ghàidhlig Loch Abair (Lochaber Gaelic Initiative) has two aims:

1. To increase the numbers of people able to speak Gaelic

2. Increase and develop the opportunities to use Gaelic

The Iomairt brings together voluntary and public bodies alike as well as communities in order to grow the Gaelic Language in Lochaber. Lochaber has been identified as a priority area for language development. Iomairt Gàidhlig Loch Abair has a dedicated development officer. 
 
Who is it for?
Anyone who has an interest in Gaelic and in Lochaber can get involved. In addition to growing Gaelic, we intend that Gaelic development will be a positive force for all aspects of life in Lochaber and benefit the entire population. Iomairt Ghàidhlig Loch Abair will grow Gaelic to everyone's benefit. 
 
What does the Iomairt do?
The Iomairt will identify and monitor the priorities for Gaelic development in Lochaber. Projects will be implemented that will directly impact on Gaelic according to these priorities and work towards the two aims above being achieved. 
 
How will the Iomairt grow Gaelic in the area?
We will do this through the implementation of projects which support youth, training, parents, families and which support the expansion of Gaelic Medium Education at every level. We will also support increased visibility of Gaelic and address other priorities as appropriate. 
 
Who makes the decisions?
A Steering Group has been formed which will take the decisions on priorities and the projects that are implemented.  Comunn na Gàidhlig is also supporting the Iomairt at every level and public bodies may be involved when their remits are relevant to Gaelic development in Lochaber. 
 
Can I get involved?
Yes you can! The Steering Group is open to anyone with an interest in Gaelic. We also welcome anyone able to speak Gaelic and/or with skills they would like to use in the support of Gaelic in Lochaber. Have a look at the website. 
 
How do I get more information?
Iomairt Ghàidhlig Loch Abair has a website where the most up to date information will be. You can find out about education, learning, events, opportunities, support, the Steering Group and information about Gaelic in Loch Abair. You can also contact us at the following details:
 
Iomairt Ghàidhlig Loch Abair, Camaghael Hostel, Fort William, PH33 7NE  
rhona@iomairt-lochabair.org                                                
01397-701988