Cuairt-litir
Clar-innse1. Lath fosgailte do phàrantan
2. Sgeama Comhairleachaidh Phàrantan
3. Seisein Fiosrachaidh do phàrantan
4. Ionnsachadh Coimhearsnachd
5. Cothrom trèanaidh le Ùlpan
6. Deireadh-sheachdain aig Sabhal Mòr Ostaig
7. Làrach-lìn Iomairt Ghàidhlig Loch Abair
8. Sgrùdach Sgilean
9. Fòram Òigridh
10. Buidheann Stiùiridh an h-Iomairt
11. Soidhnichean dà-chànanach
Latha fosgailte do phàrantan
Tha Là fosgailte do phàrantan ann a Roinn Sgoile Ghàidhlig a' Ghearasdain air 14mh dhen t-Samhain aig 11m gu 1f. Gheibhear fiosrachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa Ghearasdan. Bidh spòrs agus seinn ann airson na cloinne agus Blas Ùlpan ann airson nam Pàrantan. Tha tì, cofaidh agus cèicean ri fhaighinn cuideachd.
Sgeama Comhairleachaidh Phàrant
Tha an sgeama seo a' dol air adhart agus tha pàrantan a cumail Là fosgailte seiseanan air feadh na sgìre. Seo sgeama far a bheil pàrantan a the eòlach air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' comhairleachadh phàrantan eile le ùidh sa gnothach. Leig fios don Iomairt me the sibh airson a bhith sàs.
Seisein Fiosrachadh
Tha seasan fiosrachadh ann airson Pàrantan mu dheidhinn moladh Sgoil Ùr Gàidhlig 'a Ghearasdan air 19mh dhen t-Samhainn ann an Taigh Staile Bheinn Nibheis.
Ionnsachadh Coimhearsnach
Bidh clasaichean Gàidhlig a' toiseachadh air feadh Loch Abair le diofar ìrean freagarrach airson gach neach-ionnsachadh. Thoir sùil air duilleag Ionnsachadh air an làrach-lìn seo.
Cothrom trèanàidh le Ùlpan
Ma tha thu fileanta ann an Gàidhlig 's dòcha gu bheil agaibh ùidh agaibh ann an trèanadh a bhith nar neach-teagaisg le Ùlpan. Ma tha ùidh agaibh leigibh fios thugainn air Iomairt Gàidhlig Loch Abair.
Deireadh sheachdain aig Sabhar Mòr Ostaig
Tha cothrom aig oileanaich Gàidhlig ann an Loch Abair a dhol air deireadh-sheachdain air 27mh - 28mh dhen Mhàrt aig Sabhal Mòr Ostaig. Cosgais do gach h-oileanach £75 le £25 airgear air a chur sìos. Fiosrachadh a bharrachd tro chlasaichean.
Làrach-Lìn Iomairt Ghàidhlig Loch Abair
Tha Iomairt Gàidhlig Loch Abair toilichte www.iomairt-lochabair.org làrach-lìn ù a chur air bhog. Tha an làrach na ghoiread do Loch Abair agus arison gach nigh Gàidhlig sa sgìre. Gheibhear fiosrachadh ari fàs na Gàidhlig, foghlam Gàidhlig, cothroman-trèanaidh, tachartasan, ainmean-àite 's eile.
Sgrùdadh Sgilean ann an Loch Abair
Bidh Iomairt Ghàidhlig Loch Abair a' dèanamh sgrùdadh sgilean sa sgìre gus an cur sinn air dòigh an trèanadh as cudromaiche. 'S e prìomh amas a bhith fàs ghoiresan airson leasachadh na Gàidhlig.
Fòram Òigridh na Sgìre
Bidh an Iomairt a' steidhneachadh Fòram Òigridh do Loch Abair san àm ri teachd. Bidh seo a' toirt còmhle òigridh bho air feadh na sgìre gus tachartasan a chur air dòigh agus am beachd a shireadh air pròmhachasan.
Buidheann Stìuìridh
Bidh an ath-choinneamh den bhuidheann stiùiridh air a cumail ann an Ionad Ionnsachaidh Mhalaig air an 10mh dhen Dùbhlachd 2009 air 7f. The fiathachadh ann do dhuine sam bith le ùidh so Ghàidhlig.
Soidhnichean Dà-chananach
Bho chionn ghoirid tha diofar chompanaidhean air soidhnichean dà-chànanach a chur suas ann an Loch Abair le taic bho Chomunn na Gàidhlig:
- Mountain Warehouse
- An Crannog
- Ionad Sgithidh Monadh Nibheis
- Ionad Sgithidh Gleann Comhann
- Bun-sgoil Drochaid an Aonachain
- Eaglais Naomh Mhoire Arasaig



